Taigh Nelissen
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e togalach ann an stoidhl art nouveau, a tha suidhichte aig 5 Avenue du Mont Kemmel, anns an sgìre Forest faisg air A' Bhruiseal anns A' Bheilg 's a th’ anns an Taigh Nelissen (Fraingis: maison personnelle de l'architecte Arthur Nelissen air neo Villa Beau-Site.[1] Suidhichte air beulaibh na Pàirce ann am Forest, 's e gu bheil coltas mòran nas braise aig an taigh seo na aig a chuid nabaidhean. 'S ann ainmeil 's a tha e air sgàth na h-uinneige cearcaille mòire a chithear air a' chiad ùrlar dhen aghaidh-thogalaich: tha a h-uile coltas ann gur e an aghaidh-thogalaich as cliùitiche sa bhaile 's a th' innte, ann an stoidhl a chomharrachas art nouveau geomatrach, còmhla ri uinneag eile air an Taighe Saint-Cyr le Gustave Strauven. Chaidh an taigh seo a thogail ann an 1905 le Arthur Nelissen, ailtire às Na Tìrean Ìsle a dh' obair anns A' Bhruiseal. B' e seo am taigh aigese fhèin, a shealladh gur e fìor dheagh ailtire co-aimsireil a bh' ann.
Taigh Nelissen | |
Fiosrachadh | |
Stoidhl | Art Nouveau |
Bliadhna | 1905 |
Ailtire | Arthur Nelissen |
Seòladh | 5 Avenue du Mont Kemmel, Forest |
Dùthaich | A' Bheilg |