Sylvester Stallone
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e cleasaiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann an Sylvester Gardenzio Stallone (Eabhraig Nuadh, 6 an t-Iuchar 1946).[1]
Sylvester Stallone | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Sylvester Gardenzio Stallone |
Breith | Hell's Kitchen (en) , 6 dhen Iuchar 1946 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Àite-fuirich | Beverley Hills |
Teaghlach | |
Athair | Frank Stallone |
Màthair | Jackie Stallone |
Cèile |
Sasha Czack (en) (1974 - 1985) Brigitte Nielsen (en) (15 dhen Dùbhlachd 1985 - 13 dhen Iuchar 1987) Jennifer Flavin (en) (17 dhen Chèitean 1997 - |
Càraid | Angie Everhart (en) |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Miami Abraham Lincoln High School (en) Charlotte Hall Military Academy (en) Montgomery Blair High School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | actair film, stiùiriche fhilmichean, sgrìn-sgrìobhaiche, riochdaire fhilmichean, sgrìobhadair, actair charactaran agus actair telebhisein |
Àirde | 1.77 meatair |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd | Writers Guild of America, West (en) |
Creideamh | |
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Poblachdach |
IMDb | nm0000230 |
sylvesterstallone.com | |
Ged an do rugadh e ann an Eabhraig Nuadh, anns na Stàitean Aonaichte, thogadh e ann am Philadelphia. Dh'imrich an t-athair aige, Frank Stallone, Sr., às an Eadailt nuair a bha e òg. Tha a bhràthair, Frank Stallone, na actair is na sheinneadair.
Chaidh aodann Sylvester Stallone a ghoirteachadh aig breith aige, mar sin tha pàirt den bhile, den teanga is den smigead air clì an aodainn aige air an neartachadh. Nuair a bha e na bhalach òg, bha trioblaidean mòra aige air sgàth 's sin. Anns na sgoiltean bha a' chlann a' tarraing as. Ach mar actair 's e seòrsa "trademark" a tha ann an cruth aodann Stallone a-nis, gu h-àraid ma bhios e a' cluich dòrnair.
Bha e na oileanach anns an Theater Arts Department aig Oilthigh Mhiami airson trì bliadhna ach cha do chrìochnaich e sin air sgàth 's gun robh e ag iarraidh feuchainn a bhith na actair. Thòisich e aig aois 25 anns an fhilm The Party at Kitty and Stud's (1970), film a dh'fhàs ainmeil bliadhnaichean as dèidh sin fon ainm Italian Stallion.
Dh'fhàs Stallone ainmeil air feadh an t-saoghail leis an fhilm Rocky (1976). san 24mh den Mhàirt 1975 chunnaic e an co-fharpais dòrnaireachd eadar Muhammad Ali is Chuck Wepner. Thug sin buaidh mhòr air, agus aig ceann trì làithean sgrìobh e an sgriobt airson Rocky. Reic e an sgeulachd seo fo chùmhnant gum biodh e fhèin a' cluich Rocky Balboa. Bha am film gu math soirbheachail, bhuannaich e trì duaisean Academy Awards.