From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e oifigear a' chabhalaich, seòladair agus taisgealaiche Pòla a Tuath à Alba a bh' ann an Sir John Ross CB (Cill Choluim, 24 an t-Ògmhios 1777 - Lunnainn, 30 an Lùnastal 1856).[1] Thogadh e ann am baile beag air iomall na Sròine Reamhaire,ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach gu math bùirdeasach: bha athair na mhinistear agus bha a sheanair na phrobhaist. Ghabh e anns a' Chabhalach nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois agus bha e an sàs ann an trì cogaidhean: Cogadh an Dàrna Co-bhanntachd (1798-1802), Cogadh an Treas Co-bhanntachd (1803-1806), agus An Cogadh Angla-Ruiseanach (1807-1812).[2] A bharrachd air sin, rinn e trì triallan do Phòla a Tuath, ann an 1818, 1829 agus 1850. Chuir e seachad trì bliadhna eile air fo-fhastadh do Chabhlach na Suaine. Bha e na àrd-mharaiche-deiridh nuair a chaochail e ann an Lunnainn ann an 1856.[3]
Sir John Ross CB | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An t-Sròn Reamhar, 24 dhen Ògmhios 1777 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann Rìoghachd na Breatainne Mòire |
Bàs | Lunnainn, 30 dhen Lùnastal 1856 |
Àite-adhlacaidh | Cladh Kensal Green |
Teaghlach | |
Athair | Andrew Ross |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | taisgealaiche, oifigear a' chabhlaich, peantair, oifigear, polar explorer (en) agus lus-eòlaiche |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | An Cabhlach Rìoghail |
Ìre |
rear admiral (en) captain (en) lieutenant (en) |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.