Siostaman cho-chomharran
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e dòigh rianail airson co-cheangail a dhèanamh eadar seata òrdaichte àireamhan agus puing suidhichte ann an spàs a th' ann an siostam cho-chomharran. 'S e an eisimpleir as sìmplidh an siostam Cartesach. Anns an t-siostam seo tha aon phuing air a taghadh mar bhun-phuing anns an spàs agus tha trì cùrsaichean air an taghadh (ainmichte x, y agus z mar as cumanta) a tha ceart-cheàrnach fear bhon fhear eile. Faodar puing sam bith eile lorg anns an spàs le bhith a' dol an astair k (can) bhon bhun-phuing air a' chùrsa x, nuair sin an astair m air a' chùrsa y agus nuair sin an astair n air a' chùrsa z. Tha na trì àireamhan (k, m, n) nan co-chomharran na puinge, ach feumar an ainmeachadh anns an òrdugh (x, y, z). Anns an eisimpleir seo, 's e k co-chomharra x na puinge, m an co-chomharra y agus n an co-chomharra z.
Tha iomadach dòigh airson cho-chomharran a chur air puing. Faodar puing eile thaghadh mar bhun-phuing. Faodar cùrsaichean eile thaghadh mar shiùil-thomhais. Agus chan eil e èiseil gum bi na cùrsaichean taghte ceart-cheàrnach, no eadhan gur e loidhnichean dìreach a th' annta. Tha co-chomharran na puinge an urra ris an t-siostam a th' air a chleachdadh.
'S e as adhbhar do shiostaman cho-chomharran eadar-dhealaichte bhith ann gu bheil e nas fhasa, ann am bitheantas, ceist fhuasgladh anns an dara siostam na tha e ann an siostam eile. Is mathaid nach gabh i fuasgladh idir ann an siostam air choireigin. Agus gu tric thèid ceist a cur anns an dara siostam ach gabhaidh i fuasgladh nas fhasa ann an siostam eile. Mar sin tha e cudromach cuideachd gum bi eòlas againne ciamar a dh'atharraicheas sinn na co-chomharran bhon dara siostam gu siostam eile.
Ann am matamataig, chan ann ach seata àireamhan a th' anns na co-chomharran. Ann am fiosaig gu h-àraidh, ach ann an iomadh raon eòlais eile, faodaidh na h-àireamhan seo a' riochdachadh uimhirean mar àite, luathas, no forsa. Faodar spàsan ioma-sheallach easchruthach a thogail, agus siostam cho-chomharran aca airson phuingean a lorg annta. Ann an reul-fhiosaig, mar eisimpleir, tha modh fàs còmhlan reultan air a rannsachadh ann an spàs 6sh far a bheil na sia siùil-thomhais nan àite reul (x, y, z) agus nan codaichean de luathas na reul leis na trì cùrsaichean (vx, vy, vz). Suidhichear gach reul a' chòmhlain anns an spàs seo aig co-chomharran (x, y, z, vx, vy, vz).