Àireamh
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e àireamh a ni mìneachadh air uimhir. Ma tha trì ùbhlan againn, tha am facal trì ag innse dhuinn na tha againn de dh’ ùbhlan. Nam biodh a cheithir againn, b’ e sin a h-aon air bharrachd air a trì agus b’ e chòig a h-aon air bharrachd air sin. ’S ann às an fheart shìmplidh seo a thàinig an cunntadh. Canar na h-àireamhan nàdarra ris na h-àireamhan as sìmplidh mar a tha seo, ach tha am bun-bheachd air a bhith a’ leudachadh anns a’ chiad dol-a-mach gus bloighean agus àireamhan àicheil a thoirt a-steach, agus nuair sin do dh’àireamhan ìomhaigheach agus àireamhan co-fhillte. ’S a thuilleadh air sin tha àireamhan le seallaidhean nas àirde ann, mar eisimpleir na ceithirneanan agus na h-ochdòineanan ged nach eil iadsan cho feumail chionns gu bheil feartan cudromach de dh’àireamhachd (.i. co-iomlaideachd agus co-thiomsachd) air an call.
Tha àireamhan air an sgrìobhadh le figearan. ’S ann bho Arabais a thàinig cumaidhean nam figearan againne bho thùs agus ’s e figearan Arabach a chanar riutha airson eadar-dhealachadh a dhèanamh bho fhigearan Ròmanach. Ach tha e cumanta àireamh a ràdh an àite figeir agus tha na briathran àireamhan Arabach agus àireamhan Ròmanach cumanta. Tha e cudromach eadar-sgaradh a dhèanamh nar n-inntinn eadar àireamh mar fhigear agus àireamh mar uimhir.
Nar cainnt làitheil, tha àireamhan air an cur gu feum cuideachd airson ainm a thoirt do rudan far a bheil tòrr mòr dhiubh a tha coltach ri chèile (me. àireamhan thaighean air sràid, àireamhan fòn, àireamhan cataloig). Tha seo a’ cur òrdugh nan àireamh ris na rudan sin ged nach fhaod an t-òrdugh a bhith follaiseach no iomlan no fiù ’s an dùil. Mas e an rùn an t-òrdugh a dhèanamh soilleir, tha riochd sònraichte aig àireamhan (1d, 2ra, 3mh, ..., msaa.) aig a bheil na h-àireamhan òrdail. ’S e na h-àireamhan àrdail an riochd roimhe (.i. 1, 2, 3, ..., msaa.).