Siorrachd Chille Chùithbeirt
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear dhe na Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha an Siorrachd Chille Chùithbeirt[1]. 'S e Cille Chùithbeirt a bha na phrìomh-bhaile, agus tha e suidhichte sa Ghall-Ghàidhealaibh ann an ceann a deas na dùthcha. Tha e air a bhith na phàirt Chomhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh bho 1975.[2]