Seòna Robasdan
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs Albannach agus Rùnaire a' Chaibineit ann an Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Seòna Robasdan, BPA (Beurla: Shona Robison).
Quick Facts Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba, Ball 2mh Pàrlamaid na h-Alba ...
Close
Rugadh i ann an Redcar agus thogadh i ann an Siorrachd Chlach Mhanainn. Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Alamhagh[1] Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus dh'ionnsaich i foghlam choimhearsnachd aig Colaiste Cnoc Iòrdain.
Chaidh i na BPA airson Dùn Dè an Ear ann an 2003 an dèidh dhi a dhol na ball liosta airson Ear-Thuath na h-Alba ann an 1999 agus bha i na Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte agus Spòrs eadar 2014 is 2018 nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit.[2]
Tha i na ball den Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.