From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr air àirde an ear-thuath na Frainge a th’ ann an Rouen (IPA: ʁwɑ̃). A bharrachd air sin 's e prìomh-bhaile a’ cheàrn Haute-Normandie agus na sgìre Seine-Maritime, ainmeil airson a chuid eaglaisean is gu sònraichte a cathair-eaglaise.[1] Tha Rouen suidhichte air an abhainn Seine, agus trì uillt nas lugha, ris an canar Aubette, Robec agus Cailly agus tha oilthigh aige.[2]
Rouen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ceàrn | Haute-Normandie | ||||
Sgìre | Seine-Maritime | ||||
Co-chomharran | 49° 26′ 38 Tuath 01° 06′ 12 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21.38 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 108,569 (2007) | ||||
Dlùths | 5,078.06/km² | ||||
Duilleag oifigeil | www.rouen |
'S e seann bhaile Ceilteach a bh’ ann an Rouen gu ruige a’ chiad linn ro Chrìosd, nuair a thuit e fo bhuaidh nan Ròmanach. Bha e na phàirt dhen Ghallia Lugdunensis is an uair sin na Roinn Lugdunensis II. Thionndadh daoine a’ bhaile dhan A’ Chrìosdaidheachd anns an 5mh Linn. Bha am baile gu math cudromach dha na Treabhan Frangach mus tug na Lochlannaich ionnsaigh air a’ bhaile iomadach turas anns an 9mh Linn.[3] Dh’fhàs Rouen a bhith fear dhe na puirt na bu chudromach aig ìre na Roinn Eòrpa anns na Meadhan-Aoisean Iosal, air sàilleabh na sochairean aige; A dh’aindeoin sin, chaill Rouen a chuid shochairean ann an 1382, nuair a thug am baile taic gu ar-a-mach an aghaidh Charles VI, Rìgh na Frainge.[4]
Chaidh am baile a chuairteachadh ri linne Cogadh na Ciad Bliadhna, agus chaidh Jeanne d’Arc (IPA: ʒan daʁk) a losgadh leis na Sasannaich ann an ceàrnag a’ bhaile ann an 1431.[5]
Rugadh Gustave Flaubert ann an Rouen ann an 1821, oir bha athair agus a bhràthair nan dotairean-lannsa aig ospadal a' bhaile.[6]
Chaidh am baile a mhilleadh aig àm an Dàrna Cogaidh.[7]
'S e gnàth-shìde a' chuain a tha ann an Rouen, leis an t-uisge a’ dòrtadh air feadh na bliadhna, fad 131.2 làithean agus tha na geamhraidhean gu math boga oir tha Rouen gu math faisge air a’ mhuir. Bidh a’ ghaoth a’ sèideadh, mar as àbhaist, bhon iar-dheas gus an àirde an iar, is tha e gu math stoirmeil sa gheamhradh.[8]
'S e fear dhe na puirt mara nas motha san Fhraing a th' ann an Rouen agus tha am port an sàs, còmhla ri Le Havre, a' toirt bathar bho agus gu Paris. Tha mòran gnìomhachas ann cuideachd: cotan, a' chlò, stuth-ceimigeach, uidheamachd obrachail, càraichean agus itealain. Tha raointean-gnìomhachais ri taobh na h-aibhne (Le Petit Quevilly, Le Grand Quevilly agus La Grand-Couronne), còmhla ri fìneadairean Pheatrail (Moulineaux agus Oissel).[10]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.