![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/e/ee/Flagge_F%25C3%25BCrstentum_Reu%25C3%259F_%25C3%25A4ltere_Linie.svg/langgd-640px-Flagge_F%25C3%25BCrstentum_Reu%25C3%259F_%25C3%25A4ltere_Linie.svg.png&w=640&q=50)
Prionnsalachd Reuß-Greiz
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e meanbh-dhùthaich neo-eisimeileachd am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (gu ruige 1806) anns a’ Ghearmailt eadar 1778 agus 1918 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Reuß-Greiz (Gearmailtis: Fürstentum Reuß-Greiz).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1778 nuair a dh' àrdachadh an t-Iarla gu Prionnsa.[2] Bha Reuß-Greiz na ball Co-chaidreachas na Rèine eadar 1807 agus 1813.[3] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Greiz a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an teaghlach uasal Reuß a bha os a cionn.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Reuß-Greiz agus leig am Prionnsa Heinrich XXIV dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]
Prionnsalachd Reuß-Greiz Fürstentum Reuß-Greiz | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
![]() | ||||||||
![]() | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1778 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Greiz | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 316.7 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 70,590 (1905) | |||||||
Dlùths | 222.89/km2 |