![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/33/Flag_of_Lippe_%25281815-1880%2529.svg/langgd-640px-Flag_of_Lippe_%25281815-1880%2529.svg.png&w=640&q=50)
Prionnsalachd Lippe
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e meanbh-dùthaich neo-eisimeileach air an àirde an iar-thuath na Gearmailt a mhair bho 1789 gu ruige 1918 a bh’ anns an Prionnsalachd Lippe-Detmold neo Prionnsalachd Lippe (Gearmailtis: Fürstentum Lippe-Detmold neo Fürstentum Lippe).[1] B’ e Detmold a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach uasal Lippe a bha os a cionn.[2] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1789, ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Lippe-Detmold na ball a' Cho-chaidreachais bho 1806, a' cur 650 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Lippe agus leig am Prionnsa Leopold IV dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[4]
Prionnsalachd Lippe Fürstentum Lippe | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
![]() | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1123 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Detmold | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 1,215 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 150,937 (1910) | |||||||
Dlùths | 124.23/km2 |