From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann am Powys [ˈpowɪs].
Ainm dùthchasach | Sir Powys |
---|---|
Archives at | Powys Archives |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | A' Chuimrigh |
Domhan-leud is -fhad | |
Authority | Powys County Council |
Language used | Cuimris, Cuimris, Beurla |
Làrach-lìn | http://www.powys.gov.uk/ |
Category for maps | Category:Maps of Powys |
Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha agus tha e cho mòr ri 5.181km²[1] agus ann an 2012 bha 132.952 [1] duine a' fuireach ann. Mar sin 's e Powys an roinn as motha a tha anns a' Chuimrigh, ach cuideachd tha e na roinn as iosail a rèir dlùths nan daoine a bhios a' fuireach ann. Tha a' chuid as motha de na daoine a' fuireach ann am bailtean beaga. S' iad Y Drenewydd, Ystradgynlais, Aberhonddu is Y Trallwng le àireamh-shluaigh de 12,783, 9,004, 7,901 is 6,269(2001) na bailtean as motha ann am Powys. Tha cruth na dùthcha làn beanntan, mar sin cha robh e furasta siubhail bho dheas gu tuath.
Tha e ainmichte a rèir an seann Rìoghachd Powys, a chaidh a chur air bhonn san 5mh linn anns an dearbh àite nuair a dh'fhàg na Ròmanaich Breatainn Mhòr. Mhàir an Rioghachd gu 1160. Thathar dhen bheachd gun tàinig an t-ainm Powys bhon fhacal Laideann "pagus" "dùthaich/air an dùthaich". Ach bha tuineachaidhean ann ro àm nan Ròmanaich, mar a tha na seann cambaran a' dearbhadh. Tha 1130 cambar clàraichte ann am Powys, le stoidhlichean eadar-dhealaichte bho àmanan diofraichte, eadar 4000 is 1000 ro Chr, an cuid as motha dhiubh à Linn an Umha.[2]
Seo cuid de na bailtean ann am Powys:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.