Pontevedra
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port beag air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Pontevedra (IPA: ponte'βɛ.ðɾa). 'S ann às an ainm Laideann Pons veteris (Seann Drochaid) a th'ann ainm a' bhaile.[1] Tha Pontevedra suidhichte ri beulaibh a’ Bhàigh Pontevedra, aig 27m os cionn ìre na mara,[2] aig inbhir na h-aibhnichean Tomeza agus Lérez.[3] Tha Pontevedra 465km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 51km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[4] Tha 83,260 daoine a’ fuireach ann am Pontevedra,[5] an 4mh baile as motha ann an Galicia agus an 84mh baile na Spàinne.[6] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Pontevedra a th’ann am Pontevedra cuideachd.
Pontevedra
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Pontevedra | ||||
Sgìre | A' Ghàilis | ||||
Co-chomharran | 42° 26' Tuath 08° 38' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 118.2 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 83,260 (2020) | ||||
Dlùths | 704.4/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 986 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |