Pasto
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e prìomh-bhaile na roinne Nariño, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Pasto, neo San Juan de Pasto.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 2527m os cionn ìre na mara ann an ceann a deas na dùthcha, 798km air falbh bho Bhogotá.[3] faisg air oithrir a’ Chuain Sèimh. Tha teodhachd meadhan dhe 14° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1539 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan, gnothaichean nam mèinnean agus an àiteachas. Tha àireamh-sluaigh dhe 382,618 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Pasto an 17mh baile as motha na dùthcha.[5]
Pasto
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Nariño | ||||
Sgìre | Cordillera Andina | ||||
Àirde | 2527m | ||||
Co-chomharran | 01° 12' 52' 48' Tuath 77° 16' 41' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,181 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 382,618 (2005) | ||||
Dlùths | 323.98/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Phasto |