Martin Bagge
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e seinneadair, sgrìobhadair-ciùil agus ceòladair às an t-Suain a th' ann am Martin Bagge (Mölnlycke, 20 an t-Samhain 1958).[1] Chaidh e dhan sgoil-chiùil aig Oilthigh Ghöteborg, far a rinn e rannsachadh air na seann sgrìobhadairean visa mar Carl Michael Bellman - Raibeart Burns na Suaine - Olof von Dalin agus Lucidor.[2] A thuilleadh air sin, tha e air bàrdachd aig Harry Martinson agus Elizabeth Hermodsson a chur gu ceòl. Tha e ainmeil taobh a-staigh na dùthcha aige airson a chuid obrach air ceòl traidiseanta visa.[3] Tha e air a bhith an lùib ciùil san dùthaich aige fhèin fad a bheatha. Fhuair e ballrachd na Svenska Visakademien ann an 2001.[4] Cho-obraich e còmhla ri Alf Hambe, Lars Jansson, Lars Danielsson agus Dan Berglund. Cuideachd sheinn e na sgrìobh Bellman thall thairis sa Ghearmailt agus san Danmhairg.[5]
Martin Bagge | |
---|---|
| |
Beatha | |
Breith |
Råda Parish (en) ![]() |
Dùthaich |
![]() |
Foghlam | |
Cànain | Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Gnè ealain |
visa (en) ![]() |