From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr faisg air Rivne agus Lviv anns An Ucràin a th' ann an Lutsk (Ucràinis: Лýцьк, Pòlais: Łuck, Iùdais: לוצק, IPA: ˈlʲʋiu̯). Tha e suidhichte air an àirde an iar thuath na dùthcha faisg air na crìochan leis A' Phòlainn agus A' Bhealaruis, ri taobh na h-Aibhne Styr, san roinn Volynska Oblast. Tha 217,197 duine a' fuireach ann.
Lutsk Лýцьк
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Volynska Oblast | ||||
Co-chomharran | 50° 45 00' Tuath 25° 20 09' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 42 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 217,197 (2021) | ||||
Dlùths | 5,171.36/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 332 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Thathar dhen beachd gur ann às an fhacal Slabhais Luka (Gàidhlig: camas) ach tha cuid a dhaoine a' smaoineachadh gun tàing e on ainm Luka, air neo fiù's on treubh Luchanii.
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1085. Chumadh Mòr-dhàil an seo ann an 1429, far an do rèitich Rìghrean na Roinn-Eòrpa Crùnadh Vytautas na Liotuàinia agus Caidreachas Crìostaidh an aghaidh Impireachd nan Otomanach.[1] Às dèidh Ionnsaigh Gearmailteach-Sobhietach air a' Phòlainn ann an 1939, thàinig Lutsk gu bhith na phàirt den Aonadh Sobhietach, agus ann an 1944–1946 bha iomlaid sluaigh eadar a' Phòlainn agus an Ucràin Sobhietach. Ann an 1991, thàinig e gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Lutsk a' bruidhinn (92.87%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (6.79%) cuideachd.[2]
|
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.