![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/9/96/Cullipool_road.jpg/640px-Cullipool_road.jpg&w=640&q=50)
Luinn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e An t-Eilean Luinn (Beurla: Luing) aon de na h-eileanan sglèat, ann an Latharna, agus faisg air an Òban. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/9/96/Cullipool_road.jpg/320px-Cullipool_road.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/2/26/Kilchatton_Church.jpg/320px-Kilchatton_Church.jpg)
Is iad na bailtean: Tobar Dhonnchaidh, Culapoll agus Black Mill Bay. Fhad 's a bha 212 duine a' fuireach ann an Luinn anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 195 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.[1]
A-nis, is iad na prìomh ghnìomhachasan turasachd, a' glacadh nan giomach, agus tuathanachas mhart.
Tha Luinn ainmeil airson dà rud: gnìomhachais an sglèat, agus pailteas luchd-buannachaidh aig a' Mhòd.
Bha gnìomhachais an sglèat cudromach anns an eilean, le cuaraidhean ann an Tobar Dhonnchaidh, gus an deach an cuaraidh mu dheireadh a dhùnadh ann an 1939.
Bhuannaich Nan NicAonghais bonn òir a' Mhòid ann an 1926, Sandy Brown ann an 1938, agus Hughie MacCuidhein ann an 1985.
'S e Luinneach a chanar ri duine a bhuineas do Luinn, no piocach mar far-ainm.