![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/2/21/Loch_Meodal_-_geograph.org.uk_-_137159.jpg/640px-Loch_Meodal_-_geograph.org.uk_-_137159.jpg&w=640&q=50)
Loch Meadal
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Meadal[1][2], litreachadh eile: Loch Maodail[1] neo Loch Meodal[2]. Tha e suidhichte ann an Gleann Meadal ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha an rathad chun an an Òird a' dol seachad air. Tha Cnoc a' Chaise Mòire (171 m) san àird a deas agus an Cruachan (248 m) san àird a tuath dheth. San ear tha Lochan Doiragat ann.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/2/21/Loch_Meodal_-_geograph.org.uk_-_137159.jpg/320px-Loch_Meodal_-_geograph.org.uk_-_137159.jpg)
Tha Loch Meadal cho mòr ri 10.4 acair. 'S e 0.8 km (0.5 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 298 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha dà eilean beag anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 117 m (384 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.5 km (1.6 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a lìonadh bhon iar le Allt Mhàrtuinn agus bhon thuath le Allt Loch a' Chorra. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Meadal gu deas tro Allt Leth-shithein.
Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch Meadal.