'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Garadh (Beurla: Loch Garry).[1] Tha e suidhichte ann an Siorrachd Pheairt mu 2 mhìle san àird an ear Loch Eireachd.
Tha an loch mu 2.5 mìle (4 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas motha na 0.25 mìle aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e beagan nas lugha na 440 slat (400 m) a leud. Tha Loch Garadh cho mòr ri 390 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 22.5 mhìle ceàrnagach (58.27 km²). 'S e 50 troigh (15.24 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 113 troigh (34.44 m) aig an àite as doimhne.[2] Tha bàrr uisge an locha mu 1320 troigh (400 meatair) os cionn na mara.
Thèid an loch a lìonadh le Allt Shallainn, Allt na Cosaig is Allt Coire Easan aig ceann a deas an locha.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.