From Wikipedia, the free encyclopedia
Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin ([ɬivr diː kair'vərðin]; Cuimris) neo An Leabhar Dubh Carmarthen an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.[1]
Chaidh Llyfr Du Caerfyrddin a sgrìobhadh ro 1250 le aon sgrìobhaiche aig amannan eadar-dhealaichte sa bheatha.[2] Tha ainm an leabhair ceangailte le Priory of St. John the Evangelist and Teulyddog ann an Caerfyrddin (neo Carmarthen anns a' Bheurla), agus le dath dubh nasgadh an leabhair. Tha e an dràsta ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh fon ainm NLW Peniarth MS 1.
Chithear cruinneachadh de bhàrdachd às an 9mh - 12mh linn anns an leabhar seo, a ghabhas a-steach seòrsaichean bàrdachd diofraichte, mu chuspairean ceangailte ri creideamh no ris an t-saoghal, agus ruisg molaidh is caoinidh.
Tha duain fìor inntinneach ann a bheireas sealladh air cultar is dualchas Cuimreach a thaobh nan gaisgeach aca, an fheadhainn ceangailte ri Yr Hen Ogledd [ər ˌheːn ˈɔɡlɛð], ainm Chuimreach airson "Cumbria" neo "The Old North", agus gu h-àraid air na seann-sgeulachdan mu Arthur agus Myrddin (neo Merlin sa Bheurla).
Tha an dà rosg 'Yr Afallennau' and 'Yr Oianau' ag innse dhuinn mun àm nuair a bha Merlin a' bruidhinn ri craobh-ubhail agus muic ann an coille agus mun dàrna sealladh aige mun bhlàr eadar na Cuimrich is nan Normanaich ann an ceann a deas na Cuimrigh. Tha an duan "The Elegy of Gereint son of Erbin" ag innse dhuinn mun "Battle of Llongborth". Ged nach deach an t-àite ceart a lorg fhathast, tha iomradh ann gun robh Arthur an sàs anns a' bhlàr seo. Mar sin gheibhear tuairisgeul nas sine ann an Llyfr Du Caerfyrddin na a tha e aig an leabhar Historia Regum Britanniae sgrìobhte le Geoffrey of Monmouth.
A rèir William Forbes Skene (1809-92) 's e Llyfr Du Caerfyrddin aon de na "Four Ancient Books of Wales". Chan eil ach 54 duilleag air folio air fhàgail. Sin 108 duilleag gu lèir. Tha 39 dàin ann agus teacsa goirid.
Thathar dhen bheachd gun deach an leabhar a chlàradh airson a' chiad turais, nuair a d' fhuair Sir John Price of Brecon (1502-1555) e bho ionmhasair St Davids Cathedral, a fhuair e bho abaid Chaerfyrddin.
'S seo cuid de na dàin a tha ann an Llyfr Du Caerfyrddin:
Tha neach-deasaiche den phàipear-naidheachd Carmarthen Journal a' cur an cèill gum biodh e na b' fheàrr, an leabhar a thaisbeanadh ann an Caerfyrddin fhèin, gus cothrom a thoirt do mhuinntir a' bhaile agus don luchd-turais a thig dhan baile an leabhar fhaicinn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.