![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/3e/Firth_of_Tay_-_geograph.org.uk_-_1764532.jpg/640px-Firth_of_Tay_-_geograph.org.uk_-_1764532.jpg&w=640&q=50)
Linne Tatha
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e An Linne Tatha beul-aibhne an Uisge Tatha, a tha a' dealachadh Taobh Tatha, air taobh an ear-thuath, bho Fìobha, air taobh an ear-dheas, agus Peairt agus Ceann Rois, air taobh an iar.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/3e/Firth_of_Tay_-_geograph.org.uk_-_1764532.jpg/320px-Firth_of_Tay_-_geograph.org.uk_-_1764532.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/35/Firthoftaymap.png/320px-Firthoftaymap.png)
Thairis air an Linne Tatha tha Drochaid-rathaid na Tatha a' ceangal am Port Nuadh ann am Fìobha ri Dùn Dè a chaidh a thogail eadar 1963 agus 1966. Bha cìsean-siubhail air an drochaid ro 2008.[1] Tha drochaid-rèile ann cuideachd.
Nochd an Linne Tatha anns an duan Gearmailtis ainmeil "Die Brück’ am Tay" (Gàidhlig: Drochaid an Tatha) a sgrìobh Theodor Fontane ann an 1880, far a bheil triùir taibhsean a' tarraing trèana à Dùn Èideann sìos far na drochaide.