'S e port Dhùn Èideann a tha ann an Lìte (Beurla: Leith).[1] Tha e na shuidhe aig bun Uisge Lìte air an Linne Foirthe.

Lìte
Thumb
Lìte
Suidheachadh
Thumb
Lìte
Lìte (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 58′ 48″ T
3° 10′ 12″ I
Feartan fiosaigeach

Bha a' chiad iomradh air Lìte ann an Cairt le Rìgh Daibhidh I is i ag ùghdarraich togail Abaid Thaigh an Ròid ann an 1128 is Inverleith air. Anns an 13mh linn bha dà bhaile ann, Lìte a Tuath is Lìte a Deas. Riaghail Aba Thaigh an Ròid Lìte a Tuath is Fir Restalrig Lìte a Deas. Thug Raibeart I calachan is muilleanan Lìte do bhàillidhean Dhùn Èideann a cheannaich Lìte a Deas ann an 1398. Chaidh am baile a losgadh is a chreachadh leis na Sasannaich fo Iarla Hertford ann an 1544 agus aig Blàr Phinci. Dhaingnich André de Montalembert ann an 1548 am baile. Chaidh a shèisteadh ann an 1559 is chaill e am pàirt an iar dhen daingnean ann an 1563. Thog Oliver Cromwell tòrr-chathair an sin ann an 1650.[2]

Chaidh a' chiad cluba goilf a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1744 is iad, na Gentlemen Golfers of Edinburgh, a' cluiche goilf air Machair Lìte.[3] B' ann an 1744 a bha a' chiad fèill-chluich goilf is b' e John Rattray a' bhuannaich e. Air bunait nan 13 riaghailtean aig an tùrnamant sin chaidh na geama a stèidheachadh.[4]

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.