Kigali
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Kigali am prìomh-bhaile Ruanda. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 851,024 duine a’ fuireach an-seo. Mar sin dheth ‘s e am baile as motha den dùthaich a th’ ann cuideachd. 'S e seo an Co-chomharran aige: 1° 56’ 38” Deas agus 30° 3’ 34” Ear.Tha Kigali 176km air falbh bho Bhujumbura (Burundi), 367km bho Khampala (Uganda), 1,658km bho Kinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo), agus 787km bho Dhodoma (Tansainìa).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 1,539m os cionn ìre na mara.[2]
Kigali | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Kigali fhèin |
Co-chomharran | 01° 56 38' Deas 30° 03 34' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 730 km² |
Àireamh-shluaigh | 965,398 (2009) |
Dlùths | 1,322.46/km² |
Àireamh fòn | + |
Duilleag oifigeil | http://www.kigalicity.gov.rw/ |
Chaidh Kigali a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1907, nuair a bha Rwanda na colonaidh gearmailteach. B’àbhaist don mwami (rìgh ruanda) a bhith a’ fuireach ann an Nyanza, ach bha cumhachd na colonaidh stèidhichte ann am Butare. Ach chaidh Kigali a thaghadh mar prìomh-bhaile anns a’ bhliadhna 1962, air sgàths gu bheil e suidhichte ann am meadhan na dùthcha. 'S e teas meadhan poileataigeach agus cultarach a tha ann. Tha an riaghaltas agus an ceann-suidhe Ruanda a’ fuireach an-seo. Tha an Kigali International Airport faisg air a' bhaile. Tha am baile sgapte air ceithir beanntan, 's e Mt. Kigali le 1,850 m (6,075ft) a’ bheinn as airde.