![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/3d/Prime_Minister_Sir_Keir_Starmer_Official_Portrait_%2528cropped%2529.jpg/640px-Prime_Minister_Sir_Keir_Starmer_Official_Portrait_%2528cropped%2529.jpg&w=640&q=50)
Keir Starmer
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-lagha agus neach-poileataigs à Sasainn a tha ann an Sir Keir Rodney Starmer KC BP.
Rugadh is thogadh e ann an Southwark is chaidh ainmeachadh air Keir Hardie. Bha e na sgoilear aig Reigate Grammar School is an sin na oileanach aig Oilthigh Leeds far an do dh'ionnsaich e lagha. Chaidh e na thagraiche ann an 1986 agus dh'fhàs e ainmeil leis a' chùis McLibel, anns an do dhìon e luchd-iomairt a sgrìobh bileag mu McDonald's agus an àrainneachd. Eadar 1998 agus 2013 dh'fhrithealaich e mar Stiùiriche nan Casaidean Poblach agus ceannard Seirbheis Casaid a' Chrùin is fhuair e inbhe ridire an dèidh sin. Bhuannaich e Holborn agus Naomh Pancras airson nan Làbarach ann an 2015. Chaidh e na neach-labhairt Làbarach airson Brexit ann an 2016.[1]
An dèidh do Jeremy Corbyn a dhreuchd a leigeil suas sheas e an aghaidh Lisa Nandy agus Rebecca Long-Bailey airson ceannas a' phàrtaidh is bhuannaich e e.[2]
Bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024 agus mar sin chaidh e na phrìomhaire ùr 5 an t-Iuchar 2024 is e a' leantainn an Tòraidheach Rishi Sunak.[3]