![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/52/Russian_President_Vladimir_Putin_alongside_South_African_President_Jacob_Zuma_%2528cropped%2529.jpg/640px-Russian_President_Vladimir_Putin_alongside_South_African_President_Jacob_Zuma_%2528cropped%2529.jpg&w=640&q=50)
Jacob Zuma
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs Afraganach agus an ceathramh ceann-suidhe dubh ann an Afraga a Deas a th' ann an Jacob Gedleyihlekisa Zuma (Far-ainm san treubh aige: Msholozi, Nkandla, 12 an Giblean 1942). Tha Zuma air a bhith na cheann-suidhe bho 2009,[1] dìreach an dèidh Kgalema Motlanthe. Cha do deach Zuma dhan sgoil idir leis cho bochd 's a bha a chuid phàrantan is chuir e seachd bliadhnachan a' siubhal fad is farsaing san dùthaich aige na fhear-iomairt an aghaidh Apartheid. Tha e air a bhith pòsta sia turas (ioma-phòsadh) agus thathar dhen bheachd gu bheil còrr is fichead duine-cloinne aige.[2] Leig e a dhreuchd suas ann an 2018 is lean Cyril Ramaphosa e mar cheann-suidhe.[3]
Jacob Zuma | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
14 dhen Ògmhios 1999 - 14 dhen Ògmhios 2005 ← Thabo Mbeki - Phumzile Mlambo-Ngcuka (en) ![]()
9 dhen Chèitean 2009 - 14 dhen Ghearran 2018 ← Kgalema Motlanthe - Cyril Ramaphosa →
21 dhen Chèitean 2014 - 21 dhen Chèitean 2014 | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | Jacob Gedleyihlekisa Zuma | ||||||
Breith | Nkandla, 12 dhen Ghiblean 1942 | ||||||
Dùthaich |
![]() Union of South Africa 1961) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile |
Gloria Bongekile Ngema (en) ![]() Gertrude Sizakele Khumalo (en) ![]() Kate Mantsho (en) ![]() Nkosazana Dlamini-Zuma (en) ![]() Nompumelelo Ntuli Zuma (en) ![]() Tobeka Madiba (en) ![]() | ||||||
Clann | |||||||
Foghlam | |||||||
Cànain |
Beurla Zulu | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||
Ballrachd |
Umkhonto We Sizwe (en) ![]() | ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh | Pròstanachas | ||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Mòr-dhàil Nàiseanta Afraga South African Communist Party (en) ![]() | ||||||
IMDb | nm2663369 |
'S e isiZulu an cànan a fhuair e on ghlùn is bha a chuid fhreumhan Zulu uabhasach feumail nuair a bha an ANC a' rèiteachadh riaghaltas ùr leis a' cheann-feadhna Mangosuthu Buthelezi,[4] a bha dìreach airson cumhachd dhan na h-AmaZulu fhèin.
San t-Sultain 2021, chuir Cùirt Bun-reachdail Afraga a-Deas às do athchuinge an t-seann Cheann-suidhe Jacob Zuma gus an riaghladh aige a chuir air ais gu 15 mìosan sa phrìosan airson tàir air ceartas.[5]