From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eadar Lviv agus Chernivtsi anns An Ucràin a th' ann an Ivano-Frankivsk (Ucràinis: Іва́но-Франкі́вськ, Iùdais: סטאַניסלעװ, IPA: iˈwɑno frɐnˈkiu̯sʲk, ainmean goirid: Frankivsk/Franyk). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig inbhir na h-Aibhnichean Bystrytsya-Solotvynska agus Bystrytsya-Nadvynyanska, san roinn Ivano-Frankivska Oblast. Tha 237,855 duine a' fuireach ann.
Ivano-Frankivsk Іва́но-Франкі́вськ
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Ivano-Frankivska Oblast | ||||
Sgìre | Ivano-Frankivskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 55 22' Tuath 24° 42 38' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 83.7 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 237,855 (2021) | ||||
Dlùths | 2,841.76/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 342 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1662 mar Stanisławów, le Stanisław Rewera Potocki.[1] Bha e na phrìomh-bhaile Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar eadar 1918 agus 1919, an dèidh tuiteam na h-Ostair-Ungaire.[2]Chaidh an t-ainm atharrachadh gu Ivano-Frankivsk ann an 1962, mar urram air an sgrìobhadair Ivan Franko. B' e daingneachadh a bh' ann aig an toiseach tòisichidh. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Ann an 1991, thàinig Ivano-Frankivsk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Ivano-Frankivsk a' bruidhinn (92.19%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (6.79%) cuideachd.[3]
|
|
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.