From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e ùghdar Frangach a bh’ ann an Honoré de Balzac. Rugadh e fon ainm Honoré Balzac, ann an Tours air an 20mh latha dhen Chèitean 1799 (1er prairial an VII) agus chaochail e ann am Paris air an 18mh latha dhen Lùnastal 1850. ‘S e sgrùdair na litreachas is ealain, sgrìobhadair dràma is abaltanan, neach-aithris agus clò-bhualadair a bh’ ann cuideachd. Leig e leas sàr obair romansach na an fheadhainn na bu treasa a bh’ ann a-riamh ann an litreachas na Frainge, le 91 nobhailean agus sgeulachdan a nochd eadar 1829 agus 1852 na measg.[1][2]
Honoré de Balzac | |||
---|---|---|---|
1839 - 1840 ← Abel-François Villemain (en) - Victor Hugo → | |||
Beatha | |||
Breith | Tours, 20 dhen Chèitean 1799 | ||
Dùthaich | An Fhraing | ||
Ciad chànan | Fraingis | ||
Bàs | Paris, 18 dhen Lùnastal 1850 | ||
Àite-adhlacaidh |
cladh Père Lachaise Grave of Balzac and Ewelina Hańska (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (cnàmhainn) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Bernard-François Balzac | ||
Màthair | Anne-Charlotte-Laure Sallambier | ||
Cèile | Ewelina Hańska (en) (14 dhen Mhàrt 1850 - | ||
Càraid |
Olympe Pélissier (en) Maria du Fresnay (en) Caroline Marbouty (en) Laure de Berny (en) Claire de Maillé de La Tour-Landry (en) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam |
Lycée Charlemagne (en) (1814 - 1816) Oilthigh Pharas (1816 - Roinn an Lagha, Paras (4 dhen t-Samhain 1816 - 4 dhen Fhaoilleach 1819) | ||
Àrd-fhoghlam | Baidealair ann an Lagh | ||
Cànain | Fraingis | ||
Luchd-teagaisg |
François Guizot Abel-François Villemain (en) Victor Cousin (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | nobhailiche, breithniche litreachais, sgrìobhadair, prose writer (en) , neach-naidheachd, breithniche ealain, aistear, dramaturge (en) agus foillsichear | ||
Obraichean comharraichte |
Le Père Goriot The human comedy (en) Illusions perdues (en) Eugénie Grandet (en) Splendeurs et misères des courtisanes (en) La Peau de chagrin (en) Les Chouans (en) | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Buaidh | Walter Scott agus Georges-Louis Leclerc, Comte de Buffon (en) | ||
Gluasad | fìorachas | ||
Far-ainmean | Horace de Saint-Aubin, Lord R’Hoone, Viellerglé agus Saint Aubin | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Caitligeachd | ||
IMDb | nm0051304 | ||
'S e ùghdar dìcheallach a bh’ ann, agus dh’fhàs a chuid droch shlàinte na bu laige is na bu laige gus a bhàsaich e gu math òg (aig dìreach 51 bliadhna a dh’aois), fo bhuaidh na fiachan a fhuair e air sàilleabh a chuid droch airgid-tasgaidh, is b’ fheudar dha creideasaichean aige a theiche. Dh’fhalaich e fo ainmean breugach ann an sreath de àiteachan-còmhnaidh. Fhuair Balzac iomadach sùgradh le boireannaich mus do phòs e a’ Bhan-iarla Hanska, ann am Berdychiv ann an 1850, an dèidh seachd bliadhna deug de suirghe.
'S e fear dhen eòlaichean na b’ fheàrr na nobhailean Frangach, dhen a h-uile sèorsa, a bh’ ann Honoré de Balzac: nobhailean eachdraidheil/poilitigeach mar Les Chouans, nobhailean feallsanachail mar Le Chef-d'œuvre inconnu, nobhailean na gaotharlanachd mar La Peau de chagrin, agus nobhailean bàrdail mar Le Lys dans la vallée. Ach 's e a chuid nobhailean an fhìorachais agus an eòlais-inntinn, mar Le Père Goriot agus Eugénie Grandet, a bha na b’ ainmeile agus na bu chudromaiche dhàsan. Thathar ag ràdh, gu neo-cheartach, gur e ùghdar an fhìorachais a-mhàin a bh’ ann, air an sàilleabh. Air an làimhe eile, tha na sgrùdaidhean as ùire air Balzac a’ sealltainn dìreach cho làidir 's a bha e taobh romansaidheachd agus bàrdachd, gu seachd àraidh ann an Lys dans la vallée, a bharrachd air dùsgadh-inntinn na gaotharlanachd, neo fiù’s fàidheanta, a bha cho làidir ann an iomadach nobhail agus sgeulachdan a sgrìobh e. Mar a thuirt Jacques Martineau, “cha deach sin à sealladh gu tur anns an Comédie humaine bho La Peau de chagrin agus La Messe de l'athée gu ruige Louis Lambert”.
Chruinnich Balzac a chuid obrach ann an sreath uabhasach mòr ris an canadh La Comédie humaine (An Comadaidh Daonna), ainm a thug e bho La Divina Comedia (An Comadaidh Naomh) le Dante Alighieri. Chuir e roimhe mion-sgrùdadh a dhèanamh air gach clas sòisealta agus na daoine a bha nam broinn. Bha e airson “strì a dhèanamh an aghaidh suidheachadh a’ cho-chomainn” mar a sgrìobh e ann an Ro-ràdh na Comédie humaine.
Chruinnich Balzac na leabhraichean aige ann an diofar seòrsaichean: Sgrùdadh na cleachdaidhean, Sgrùdadh bun-rannsachail, agus Sgrùdadh feallsanachail. Bha e dhen bheachd gu robh an Sgrùdadh feallsanachail glè chudromach gus a chuid obrach a thuigsinn. Smaoinich e gur e "iuchair a cheanglas sgrùdadh na cleachdaidhean gus an sgrùdadh feallsanachail tro fhàinne na gaotharlanachd a bha cha mhòr oithireach far am bithear a’ togail a’ bheatha leis a’ mhiann, a tha aig cridhe a’ bhoile" a bh’ ann La Peau de chagrin.
Tharraing Honoré de Balzac dealbhan uabhasach mòr dhen cho-chomann na linntean aige is e a’ cruthachadh prìomh-shamhlaidhean mar Eugène de Rastignac, duine òg às an dùthaich ag iarraidh air Paris a cheannsachadh: Félix Grandet, an smàigire sanntach dachaigheil: Jean-Joachim Goriot, ìomhaigh an athar, seòrsa dhe “Ìosa na n-athaireachd”, neo Vautrin, an t-seann phrìosanach a-nis na phoileasman.
Thug e buaidh làidir air ùghdaran eile mar Gustave Flaubert, is chaidh an nobhail aige L'Éducation sentimentale air a bhrosnachadh gu dìreach bho Lys dans la vallée, Madame Bovary, agus La Femme de trente ans. Thug sreath romansach na Comédie humaine agus na caractaran nas chudromaiche aice, a nochdas a-rithist siud 's an seo, buaidh mhòr cuideachd air tòrr ùghdair na linne sin agus an ath linn, gu seachd àraidh Émile Zola, anns an sreath Rougon-Macquart, agus mu dheireadh thall, Marcel Proust. Mar a sgrìobh Georges Cattaui: “Le sin, 's e na daoine ainmeil e le beò-ghlacaidhean aig Balzac a chì sinn a-rithist anns na caractaran mòra dìoghrasach aig Proust.”
Bidh a chuid obrach a’ nochdadh daonnan siud 's an seo anns a’ chlò, fiù ’s na rinn e nuair a bha e fhathast òg. 'S e tobar gun chrìoch airson filmichean a dhèanamh a th’ anns na nobhailean aige, bho La Marâtre, a nochd ann an 1906. Thathar a’ dèanamh filmichean leis na leabhraichean aig Balzac gus an latha an-diugh, agus tha mu cheud filmichean agus tele-filmichean dhaibh air an nochdadh air feadh na cruinne.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.