From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla ann an Innse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.
Hiort | |
Bàgh a' Bhaile, Hiort | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Innis-mhuir | Hiort |
Co-chomharran | 57.8 -8.6 |
Comharradh-clèithe | NF095995 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 85 km² |
Àireamh-shluaigh | 0 (o choinn 1930) |
Dlùths | 0/km² |
Dh'fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (NàdarAlba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistreachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)
An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, NàdarAlba agus Ministreachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.
Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.
An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.
Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an Ùig Leòdhais.[1]
Sgrìobh Màrtainn MacGilleMhàrtainn mun chuairt a rinn e do Hiort ann an 1697 anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1698.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.