God Save the Queen
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is Laoidh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte God Save the Queen. Chaidh fhoillseachadh gun urra ann an The Gentleman's Magazine, 15mh an Dàmhair, 1745.
Tiotal | God Save the King |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Derivative work | God Save the Queen, The Prayer of Russians |
Form of creative work | òran |
Genre | ceòl clasaigeach |
Has edition or translation | God save the Tsar |
Country of origin | Rìoghachd na Breatainne Mòire |
Cànan obrach no ainm | Beurla |
Ceann-latha foillseachaidh | dhen Dàmhair 1745 |
Composer | unknown value, Henry Carey |
Lyrics by | Henry Carey |
Has melody | America |
Tonality | G major |
First line | God save our gracious Queen,, God save our gracious King, |
Last line | God save the Queen!, God save the King! |
Collection | Victoria and Albert Museum |
Foillsichte ann an | The Gentleman's Magazine, Sions harpe |
Copyright status | public domain, public domain |
Liosta | list of German princely and regional anthems based on the melody of the British royal anthem |
Seo an teacsa anns a' Ghàidhlig:
DHIA, thoir d ar n-uachdran gaoil
Sonas is sìneadh saoghl;
Dhia, dìon an Rìgh;
Deònaich dha buaidh sa chòir,
Àrd-ghreadhnachas is glòir,
Fad-riaghladh aoibhinn, mòr;
Dhia, dìon an Rìgh !Do mhaitheas caoin, neo-ghann,
Bi dòrtadh air a cheann,
Gun sgur, gun dìth ;
Ceart-reachdan biodh ra linn,
Á sìor thoirt aobhair dhuinn,
Le guth s le cridh bhith seinn
Dhia, dìon an Rìgh !
Seo tionndadh eile air na faclan tùsail, a rinn Aonghas Dòmhnallach. Nochd na faclan iad seo anns an iris Chainèidianach "Mac-Talla", Iuchar 16, 1892.[1]
"DHIA GLEIDH 'BHANRIGH"
"Dhia glèidh ar Banrigh mhòr,
Beatha bhuan da'r Banrigh choir,
Dhia glèidh 'Bhanrigh.
Thoir buaidh dhi, 'us solas,
Son' agus ro ghlòrmhoir,
Fada chum riaghladh oirnn';
Dhia glèidh 'Bhanrigh;A Thighearn ar Dia èirich,
Sgap a naimhdean eitich,
'Us leag iad sìos.
Cuir clì an droch riaghladh,
Tilg sìos an lùib dhiabhlaidh,
Ar dòchas oirre leag—
Dhia glèidh 'Bhanrigh:Do thìodhlaig mhaith thoir dhi,
Dòirt oirre pailt gun dith,
Fad' riaghladh i;
Ar reachdan dìonadh i,
Toirt dhuinn aobhar, gun sgìos,
'Bhi seinn le 'r guth 's ar cridh'
Dhia glèidh 'Bhanrigh!"