Frombork
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an ceann a tuath na Pòlainn a tha ann an Frombork (IPA: ˈfrɔmbɔrk, Gearmailtis: Frauenburg, Latbhais: Fromborka, Laideann: Frauemburgum). Tha e suidhichte aig 28m os cionn ìre na mara,[1] dìreach ri taobh an Lagùn Vistula, na h-aibhne Vistula agus Am Muir Baltach[2] anns an sgìre (Pòlais: Powiat) Braniewski, anns an roinn (Pòlais: Województwo) Warmińsko-mazurskie. Ann an 2010 bha 2,425 duine a' fuireach ann.[3] Tha Frombork 396km air falbh bho Lublin, 303km bho Kraków, 66km bho Gdańsk agus 250km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Chaidh Fromborg a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1278, ann an sgrìobhainn eaglaiseil agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1310.[5] Chaochail an Reul-eòlaiche Nicolaus Copernicus an seo ann an 1543.[6]
Frombork
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Braniewski | ||||
Sgìre | warmińsko-mazurskie | ||||
Co-chomharran | 54° 21 00' Tuath 19° 41' 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7.59 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,467 (2014) | ||||
Dlùths | 325.03/km² | ||||
Àireamh fòn | +48 55 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.formbork.pl/ |