From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus stàitire Comunnach à Cùba a bh' ann am Fidel Alejandro Castro Ruz (IPA: fiˈðel aleˈxandɾo ˈkastɾo ˈrus, Birán 13 an Lùnasdal 1926 - La Habana 25 an t-Samhain 2016).[1]
Fidel Alejandro Castro Ruz | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
16 dhen Ghearran 1959 - 24 dhen Ghearran 2008 ← José Miró Cardona (en) - Raúl Modesto Castro Ruz →
24 dhen Ògmhios 1961 - 19 dhen Ghiblean 2011 ← Blas Roca Calderio (en) - Raúl Modesto Castro Ruz →
2 dhen Dùbhlachd 1976 - 24 dhen Ghearran 2008 ← Osvaldo Dorticós (en) - Raúl Modesto Castro Ruz →
10 dhen t-Sultain 1979 - 6 dhen Mhàrt 1983 ← Junius Richard Jayewardene (en) - Neelam Sanjiva Reddy (en) →
16 dhen t-Sultain 2006 - 24 dhen Ghearran 2008 ← Abdullah Ahmad Badawi (en) - Raúl Modesto Castro Ruz → | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Ainm slàn | Fidel Alejandro Castro Ruz | ||||||||||
Breith | Birán, 13 dhen Lùnastal 1926 | ||||||||||
Dùthaich | Cùba | ||||||||||
Àite-fuirich | Santiago de Cuba | ||||||||||
Cinneadh | Galicians (en) | ||||||||||
Ciad chànan | Spàinntis | ||||||||||
Bàs | Havana, 25 dhen t-Samhain 2016 | ||||||||||
Àite-adhlacaidh | Santa Ifigenia Cemetery (en) | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Athair | Ángel Castro y Arguíz | ||||||||||
Màthair | Lina Ruz González | ||||||||||
Cèile |
Mirta Díaz-Balart (en) (11 dhen Dàmhair 1948 - 1955) Dalia Soto del Valle (en) (1980 - 2016) | ||||||||||
Càraid |
Natalia Revuelta Clews (en) Dalia Soto del Valle (en) | ||||||||||
Clann | |||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Foghlam |
Oilthigh Havana (1945 - dhen t-Sultain 1950) dotair nan saidheansan : lagh Sgoil-ullachaidh Ìosanach Belen (1945 - 1945) | ||||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-lagha, partisan (en) , neach-naidheachd, rèabhlaideach agus stàitire | ||||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||
Ballrachd |
Pàrtaidh Ortadogsach Gluasad 26mh dhen Iuchar | ||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||
Ìre | commandant (en) | ||||||||||
Strì |
Rèabhlaid Chùba Cunnart nan arm-tilgidh ann an Cùba | ||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Creideamh | agnostachd | ||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Comannach Chùba Pàrtaidh Ortadogsach Gluasad 26mh dhen Iuchar Integrated Revolutionary Organizations (en) United Party of the Cuban Socialist Revolution (en) | ||||||||||
IMDb | nm0004242 | ||||||||||
Rugadh e air an dùthaich san oighreachd Manacas,[2] leis gu robh an teaghlach aige nan uachdaran fearainn. Bhuineadh athair - Ángel Castro y Argiz - do bhaile bheag air a bheil Láncara thall san Spàinn ach b' ann à Cùba a bha a mhàthair, Lina Ruz González. B' e searbhant athar a bh' innte agus cha robh i posta idir nuair a rugadh Fidel. Rinn neach-teagaisg uchd-mhacachadh dha Fidel. Fhuair e baisteadh ann an Santiago de Cuba agus chaidh e gu na sgoiltean a b' fheàrr a bh' anns a' bhaile. Thug na dh'ionnsaich e bhon Chomann Iosaid buaidh làidir airsan fad a bheatha. Phòs Castro dà thuras: aig Mirta Francisca de la Caridad Díaz-Balart y Gutiérrez (1948 - 1955) a bha uabhasach fhèin beartach. Rug i aon mac dha, Fidel Ángel "Fidelito" Castro Díaz-Balart. Dhealaich iad is Castro sa phrìosan leis gun do thoisich i ag obair às leth an Riaghaltais air sàilleabh gum buineadh i dhan chlas a ruitheadh na dùthcha. Phòs e aig Dalia Soto del Valle ann an 1980. Chaochail Castro le diverticulosis aig 90 bliadhna a dh'aois anns a' bhaile far an do thogadh e.
Thoisich e Oilthigh La Habana ann an 1945 far an robh e gu mòr ann sàs ann am poileataigs. Bha e na bhall a' phàirtidh Ortadogsach, a bha fo bhuaidh Eduardo Chivás. Bha e an lùib ar-a-mach ann am Poblachd Dhoiminicia nach robh idir soirbheachail ann an 1947. Ann an 1948 chaidh e gu Bogotá airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho Juan Domingo Perón, ceann-suidhe na h-Argantain aig an àm. Mharbh feachd an làimhe dheas Jorge Eliecer Gaitán, tagraiche dhan cheannas airson nan Libearalach. Chuidich Castro na Libearalaich ann an aimhreit a lean fad corr is seachdain an dèidh sin, air an robh Am Bogotazo. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-lagha ag obair às leth nan daoine bochda. Chuir Fulgencio Batista Zaldívar às dhan Riaghaltas ann an 1952 agus b' fheudar do Chastro slighe eile air adhart a lorg.
Chuir e ar-a-mach nàiseantach air dòigh an aghaidh Bhatista ann an 1953, ach dh'fhàilg e.[3] Chuir e seachad dà bhliadhna sa phrìosan, far an do leugh e Marx, Lenin, Martí, Freud, Kant, Shakespeare, Munthe, Maugham agus Dostoyevsky. Chaidh e thall thairis an dèidh am prìosan fhàgail agus chruthaich e gluasad làidir an aghaidh Bhatista,air an robh MR-26-7 (Gluasad 26 an t-Iuchar). Thill e dhan dùthaich à Meagsago aige fhèin ann an 1956 air bord bata air a bheil Granma, 80 reubaltaich còmhla ris. Fad trì bliadhna bheireadh iad ionnsaigh air feachdan an Riaghaltais. Theich Batista ann an 1959[4] agus thug Castro seilbh air an dùthaich. Bha Castro os cionn na dùthcha, mar phrìomhaire agus mar cheann-suidhe fad 47 bliadhna, gus a leig e an dreuchd dheth ann an 2006.
Aig an toiseach tòiseachaidh cha robh trioblaid sam bith aig an Riaghaltas ùr fo Chastro leis na Stàitean Aonaichte. Ach thoisich an Gluasad 27 an t-Iuchar na daoine a bha dìleas dhan t-seann Riaghaltas a chur a-mach às an dreuchdan, air neo dìreach sa phrìosain. Chèilidh e air na Stàitean Aonaichte agus corra dhùthaich eile. Bha e a' sìreadh taic airgid airson na rinn Batista ceàrr a cheartachadh. Cha d'fhuair a sgillinn ruadh. Beag air bheag thoisich e ri Sòisealtaich agus Comunnaich a thoirt a-steach dhan chaibineit aige. B' ann le Castro a-mhàin a bha làmh an uachdair.
B' e adhartas sòisealta a bha aig teis nam polasaidhean a bha aig Castro taobh a-staigh na dùthcha agus bheireadh e taic do dh'ar-a-maich air feadh an t-saoghail cuideachd.
Fhuair Castro taic agus molaidhean bho iomadh daoine a bha ann lùib Diadhaireachd an t-saoraidh agus bha e gu math dlùth air cuid dhuibh, Frei Betto nam measg.[5] Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air Fidel agus bha esan agus Leonardo Boff nan deagh caraidean.[6]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.