Duiseal
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e ionnsramaid-ghaoithe a tha ann an duiseal.
'S e ionnsramaid aosmhor a tha anns an duiseal ach chaidh an duiseal nuadh a chruthachadh le Theobald Böhm anns an 19mh linn. Ged a tha deich meuran a-mhàin aig daoine agus 14 tuill ann an corp an duiseil, ann an 1832 dh'innlich e siostam le naoi iuchraichean airson na 14 tuill fhosgladh no a dhùnadh. Chruthaich e an duiseal air chruth siolandair ann an 1847.[1]