![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/37/Douglas_Alexander_at_the_India_Economic_Summit_2008.jpg/640px-Douglas_Alexander_at_the_India_Economic_Summit_2008.jpg&w=640&q=50)
Douglas Alexander
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Douglas Alexander BP.
Riochdaich e Pàislig a Deas ann an Taigh nan Cumantan airson nan Làbarach an dèidh do fho-thaghadh ann an 1997 agus an sin Pàislig agus Siorrachd Rinn Friù a Deas gu ruige 2015 agus Mhairi Black an seat a bhuannachadh. Dh'fhrithealaich e anns a' Chaibineit aig Tony Blair mar Rùnaire Stàite airson Alba agus Rùnaire Stàite airson Còmhdhalach aig an aon àm eadar an Cèitean 2006 agus an t-Ògmhios 2007. Chaidh e na Rùnaire Stàite airson Leasachadh Eadar-nàiseanta agus Gordon Brown na Phrìomhaire on t-Ògmhios 2007 gu ruige an taghadh coitcheann ann an 2010. Thill e gu Westminster mar bhall-phàrlamaid airson Lodainn an Ear ann an 2024 is e na mhinistear-stàite anns an Roinn Gnothachais agus Malairt.[1]