From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e seòrsa de ghalair radhraic a ruitheas anns an fhuil a th' ann an dath-dhalladh. Mar as àbhaist, chan fhaod na daoine a dh'fhulaingeas an dath-dhalladh a' dèanamh diofar eadar na dathan dearg agus uaine.[1] B' e John Dalton, a dh'fhulaingeadh an galar seo fhèin, a rinn a' chiad sgrùdadh saidheansail air agus canar Daltonachd ann an cuid a chànain air a shonsa (Croatais: daltonizam, Fraingis: daltonisme, Ruisis: Дальтонизм, Spàinntis: daltonismo). Chan ann ach atharrachadh ginteil air a chruthachadh le briseadh gine shàmhach a tha a' ruith anns an fhuil agus a tha ceangailte ris a' chròmasom X a tha aig cnag na cùise.[2] Le sin, tha an dath-dhalladh mòran nas cumanta ann am fireannaich na ann am boireannaich. Faodaidh gum toir màthair an galar dha nighean ach le sin, bidh an leth chuid dhiubh nan luchd-giùlain. Tha an tar-chur co-ionnan ri fuil-gun-chasg ach tha boireannaich ann a dh' fhulangas an dath-dhalladh.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.