Corùna
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Corùna (Gàilisis: A Coruña, Spàinntis: La Coruña, Fraingis: La Corogne). Chaidh e a stèidheachadh ann an 1208 agus thathar dhen bheachd gu bheil e a' ciallachadh Baile na Cruinne.[1] Tha Corùna suidhichte air Doirling,[2] ri beulaibh a’ bhàigh Biscay,[3] dìreach aig ìre na mara.[4] Tha e 507km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 56km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile Ghalicia.[5] Tha 246,056 daoine a’ fuireach ann an Corùna,[6] an dàrna baile as motha ann an Galicia agus an 16mh baile na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na na Coruña a th' ann Corùna cuideachd. Fhuair am bàrd Gàidhealach Dòmhnall Ruadh Chorùna ainm bhon a’ bhaile sin.
Corùna A Coruña
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | A Coruña | ||||
Sgìre | A' Ghàilis | ||||
Co-chomharran | 43° 22' 17 Tuath 08° 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 36.83 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 246,056 (2010) | ||||
Dlùths | 6,680.86/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 981 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |