Contae an Dúin
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae an Dúin[1] (tuiseal ainmneach: An Dún).[2] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 416,600 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,448km²,[3] an 12mh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an tritheamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae an Dúin le Aontroim agus Ard Mhacha.[4] Bha 327,611 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (850m) a th' ann sa bheinn as àirde ann an Èirinn a Tuath agus tha i suidhichte ann an taobh a deas dhen t-siorramachd.[6] Chaidh Comhairle Chontae an Dhúin a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[7]
Contae an Dhúin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,448 km² |
Àireamh-shluaigh | 416,600 () |
Dlùths | 170.18/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |