Contae Loch Garman
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Loch Garman.[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 154,320 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,351km²,[2] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 16mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Loch Garman le Cill Mhantáin, Cill Chainnigh, Port Láirge agus Ceatharlach.[3] Bha 202,033 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Suta Laighean (795m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5]
Contae Loch Garman | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,351 km² |
Àireamh-shluaigh | 154,320 () |
Dlùths | 65.64/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |