Contae Chiarraí
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chiarraí[1] (tuiseal ainmneach: Ciarraí,[2] Laideann: Comitatus Kerriensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 154,502 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 4,701km²,[3] an còigeamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 13mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chiarraí le Luimneach, agus Corcaigh.[4] Bha 293,880 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] Tha Corrán Tuathail (1032m), a' bheinn as àirde ann an Èirinn[6] agus an Dún Mór, an t-àite as fhaide air an àirde an iar na dúthcha,[7] sa chontae. Chaidh Contae Chiarraí a chruthachadh ann an 1233.[8]
Contae Chiarraí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Mumhan |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 4,701 km² |
Àireamh-shluaigh | 154,502 () |
Dlùths | 32.87/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |