Contae Átha Cliath
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Átha Cliath.[1] (Laideann: Comitatus Eblanensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 1,273,069 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 922km²,[2] an 29mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd ach an t-siorramachd an motha a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Átha Cliath leis An Mhí, Cill Dara agus Cill Mhantáin.[3] Bha dìreach 372,773 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Cipiúr (757m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5] Chaidh Comhairle Chontae Átha Cliath a bhristeadh suas ann an 1993 is ceithir ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite[6] (Áth Cliath Theas, Dún Laoghaire–Ráth an Dúin, Fine Gall agus Baile Átha Cliath fhèin).
Contae Átha Cliath | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 922 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,273,069 () |
Dlùths | 1,380.77/km² |