Cleachdaiche:Sionnach/Aisgerbheinn
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Aisgerbheinn.
Sionnach/Aisgerbheinn | |
---|---|
Aisgerbheinn leis a' chuaraidh | |
Àirde (m) | 126 |
Àirde (tr) | 413 |
Àirde rinneach (m) | 85 |
Màthair-mhullaich | Stulabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (22) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF753237 |
Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas faisg air a' bhaile Aisgernis agus ear air an rathaid A865 eadar Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail. Tha Aisgerbheinn 126m (413 troigh) de dh'àirde.[1] Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Bho mhullach Aisgerbheinn gheibhear deagh shealladh air a' mhachair agus thairis air a' mhuir gu Barraigh. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 85m a' sgaradh Aisgerbheinn bho na beanntan eile agus 's e Stulabhal a mhàthair-mhullaich.
Air sliabh an iar Aisgerbheinn tha cuaraidh ann a tha aig MacAulay Askernish Ltd.[3] Tha an cuaraidh clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba cuideachd.[4]
Ann an 1982/83 rinneadh pròiseact rannsachaidh mu chumhachd na gaoithe air agus timcheall air Aisgerbheinn. Air sgàth sin chaidh barrachd na 50 crann a thogail air a bheinn airson tomhas na gaoithe.[5] An-diugh tha slighe ann bho Aisgernis gu crann air sliabh a deas na beinne, ach chan eil an t-slighe a' leantainn gu mullach na beinne.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.