B’ e Carme Ballester i Llasat (Barcelona, 27 an Giblean 1900Paris, 1972) an dàrna bean aig Lluís Companys i Jover, ceann-suidhe Chatalòinia.[1] Bha i an sàs anns a’ phàirtidh Estat Català (Gàidhlig: Stàit Chatalanach) fad na 30an agus phòs i ri Lluís Companys ann an 1936, an dèidh a sgaradh-pòsaidh bho Joan Duran. Bha i a’ fuireach ann am Paris[2] ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne gus a bhith còmhla ri a leas-mhac, Lluís Companys i Micó, a bha tinn san ospadail.[3] Nuair a chuireadh an duine aige gu bàs thall san Spàinn, thòisich i ri cuideachadh a thoirt gu Saighdearan-saorsa na Frainge agus chuireadh i Iùdhaich air falach bho na Nàsaich fad an Dàrna Cogadh. Chaochail i ann an 1972. Fhuair i peinsean mar ìobairteach nan Nàsach bho Riaghaltas na Frainge.[4]

Quick Facts Beatha, Ainm slàn ...
Carme Ballester i Llasat
Beatha
Ainm slàn Carme Ballester i Llasat
Breith Barcelona, 27 dhen Ghiblean 1900
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Bàs Boulogne-Billancourt, 7 dhen Mhàrt 1972
Àite-adhlacaidh Cladh Montjuïc
Teaghlach
Cèile Lluís Companys i Jover  (1936 -  1940)
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Catalanais
Spàinntis
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Ballrachd French Resistance (en) Translate
Seirbheis san arm
Strì Cogadh Sìobhalta na Spàinne
An Dàrna Cogadh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Estat Català (en) Translate
Close

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.