From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e caisteal ann an Conwy, a' Chuimrigh a th' ann an Caisteal Conwy (Cuimris: Castell Conwy; Beurla: Conwy Castle). Chaidh a thogail anns na Meadhan aoisean le Èideard I Shasainn eadar 1283 is 1289[1] nuair a thog Èideard smachd air a' Chuimrigh.
Aig àm a' chogaidh shìobhalta ann an Sasainn (1642 - 1646) fhuair luchd-leantainn Teàrlach I smachd air a' chaisteal. Nuair a bha an cogadh seachad, chaidh an caisteal a sgriosadh leis an riaghaltas, gus nach b' urrainn duine sam bith a chleachdadh san àm ri teachd. Ann an 1665 bha e air sgriosadh gur tùr,[1] chaidh na rudan luachmhor, mar eisimpleir na pìosan iarainn a thoirt air falbh le muinntir an àite.
Anns an 18mh is 19mh linn nochd an caisteal air dealbhan luchd-ealain agus thòisich luchd-turais a thadhail air a' chaisteal. Bho 1986 a-mach tha inbhe Làrach Dualchas na Cruinne aige.[2] An-diugh tha an caisteal fo chùram Cadw, buidheann Làraichean Eachdraidheil na Cuimrigh. Ann an 2010 thàinig 186,897 luchd-turais gus coimhead air a' chaisteal agus ann an 2012 chaidh ionad fiosrachaidh ùr a thogail. [3][4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.