From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr agus port na h-aibhne cudromach faisg air Girón ann an Santander,[1] Coloimbia,[2] a th' ann am Barrancabermeja. Tha e suidhichte 136km air falbh bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne, 75m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 29˚ thar cheann fad na bliadhna.[3] Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1922 ged a bha taigh neo dhà ann fiù' s ann an 1536. Tha e ainmeil air feadh na dùthcha air sàilleabh gu bheil gnothach na h-ola ann an Coloimbia stèidhichte an seo.
Barrancabermeja
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Santander | ||||
Àirde | 75m | ||||
Co-chomharran | 07º 04' 03' Tuath 73º 50' 50' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,154 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 190,058 (2005) | ||||
Dlùths | 164.69/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann am Barrancabermeja. ‘S ann à dà fhacal ‘s a tha e: barranca (mòr-ghil) agus bermejo (ruadh).[4] Bheireadh sin A’ Mhòr-ghil Ruadh dhuinn sa Ghàidhlig.
Ged a tha 170,810 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 19,248 a' fuireach a-muigh anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Barrancabermeja (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% agus tha 16.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.8% dhe na daoine ann an Barrancabermeja leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 55.2% dhe na dachannan.[7]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Barrancabermeja. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
Chunnaic daoine às an Roinn Eòrpa am baile, air an robh Latora neo Latocca, airson a' chiad turais air 12 an Dàmhair 1536. Chleachdadh na Spàinntich an t-àite seo airson tursan sgrùdaidh a dheànamh suas an abhainn.[9] Ged a bha daoine a' fuireach ann fad nan linntean, 's e dìreach ann an 1922, aig toiseach toisichidh gnothach an Ola, nuair a dh'fhàs am baile na bh mhotha. Chan e rud gun trioblaid a bh' ann idir. Nuair a bha José Eustasio Rivera an lùib Comisean Sgrùdaidh nan Dùthchannan Cèin agus nan Colonaidhean ann an 1935 dh’fhoillsich e sreath dhe artigilean ann an Nuevo Tiempo de Bogotá, air an robh "Falsos postulados nacionales" (Gàidhlig: Beachd-bharailean-brèige Nàiseanta), anns an do dh’ fhàg e air iomadh daoine, an ceann-suidhe Pedro Nel Ospina Vásquez agus an t-seann mhinistear Esteban Jaramillo, nam measg, gu robh iad ri foill agus coirbeachd, a thaobh cùmhnantan na pìoba a bheireadh ola eadar Cartagena de Indias agus Barrancabermeja.[10]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.