From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910–Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952,[1] còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.[2]
Archer Martin | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lunnainn, 1 dhen Mhàrt 1910 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | Llangarron (en) , 28 dhen Iuchar 2002 |
Teaghlach | |
Cèile | Judith Bagenal (en) (1941 - |
Foghlam | |
Foghlam |
Peterhouse (en) Bedford School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | bith-cheimigear, ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Oilthigh Chambridge Eindhoven University of Technology (en) (1964 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd | An Comann Rìoghail |
Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.