Antonio Machado Ruiz
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Cipriano José María Machado Ruiz (1875–1939). Rugadh e ann an Sevilla ann an 1875. Tha a bhàrdachd pailt agus ioma-sheòrsach: eibhinn, brònach, aotrom, domhainn tuairisgeulach, feallsanachail – ach an còmhnaidh sgoinneil, bòidheach, fìorghlan, treibhdhireach, uasal. Bha e ‘na comh-aimsireach do bhàrd mòr eile, Federico Garcia Lorca a rugadh, mar Mhachado, ann an Andalusia, ceann iar-dheas na Spàinne. Mu thimcheall Mhachado, sgrìobh an leabhar mòr-eòlais Larousse:
...bàrd Spàinnteach, a rugadh ann an Sevilla ...a thug gu buil, air feadh beatha iriosail, uaigneich mar teagasgair na Fraingise..., cruthachadh obair bàrdachd a bha anabarrach luachmhor.
Quick Facts Beatha, Ainm slàn ...
Antonio Machado Ruiz | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Antonio Cipriano José María Machado Ruiz |
Breith | Sevilla, 26 dhen Iuchar 1875 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich |
Madrid Paris Soria Baeza Segovia Sevilla Rocafort (en) Barcelona Collioure |
Bàs | Collioure, 22 dhen Ghearran 1939 |
Àite-adhlacaidh | Collioure |
Teaghlach | |
Athair | Antonio Machado Álvarez |
Màthair | Ana Ruiz Hernández |
Cèile | Leonor Izquierdo (1909 - 1912) |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh a' Mheadhain |
Cànain |
Spàinntis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, neach-teagaisg agus intellectual (en) |
Obraichean comharraichte |
Soledades. Galerías. Otros poemas (en) Campos de Castilla (en) Juan de Mairena (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Royal Spanish Academy (en) |
Gluasad | Ginealach '98 |
Gnè ealain |
bàrdachd dràma-eòlas aiste |
IMDb | nm0004676 |
Close