Andújar
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile eachdraidheil faisg air Martos ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann an Andújar (IPA: anˈduxaɾ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Guadalquivir (IPA: ɡwaðalkiˈβiɾ), 212m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 48km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol, gu seachd-àraidh liosan-ola. Tha 36,615 duine a' fuireach ann.[1]
Andújar
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Jaén | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 38° 02' 21 Tuath 04° 03' 02 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 965 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 36,615 (2020) | ||||
Dlùths | 37.94/km² | ||||
Àireamh fòn | 953 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |