From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e eadar-theangair, neach-teagaisg agus neach-poileataigs Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Ana Pauker (ainm-breithe: Hannah Rabinsohn, Codăești, 13 an Gearran 1893 - Bucharest, 3 an t-Ògmhios 1960).[1] Rugadh agus thogadh i ann am Vaslui agus bhuinneadh i do theaghlach Clas-obrach Iùdhach gu math bochd: bha a h-athair na spadair ann an sionagog. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Oilthigh Gheneva, Oilthigh Mhosco agus san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin. Ghabh i ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 ach chaidh a chur an greim ann an 1923 agus 1924 air adhbharan poileataigeach. B' fheudar dhi an dùthaich fhàgail agus theich i agus an duine aice thall thairis nam fògarrach dhan Aonadh Sobhiatach. Chaidh ise a chur an greim sa phrìosan Liubianka ann am Mosgo fad greiseag ann an 1938, aig àm Purcaid Mhòr Stalineach.[2] Thill i gu Romàinia an cois an Airm Deirge an dèidh An Dàrna Cogaidh.[3] Bha e na àrd-rùnaire neo-oifigeil a' Phàirtidh agus b' i a' chiad thè ann an eachdraidh na cruinne a bhith na Ministear nan Dùthchannan Cèin. Bha an Securitate a stèidheachadh fhad 's a bha i os cionn a' Phàirtidh. Bha i a-riamh ann ann strì an aghaidh Elek Köblös taobh a-staigh a' Phàirtidh. Chaill i a dreuchd ann am purgaid nan Iùdhach às a' Phàrtaidh ann an 1952. Chaochail i le aillse ann am Bucharest ann an 1960. Chreideadh Pauker gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh ise fhèin.[4] Cha robh i a-riamh air a h-ath-ghnàthachadh an dèidh bàis air sgàth gur e boireannach agus Iùdhach a bh'innte.
Ana Pauker | |||
---|---|---|---|
30 dhen Dùbhlachd 1947 - 9 dhen Iuchar 1952 ← Gheorghe Tătărescu (en) - Simion Bughici (en) → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Hannah Rabinsohn | ||
Breith | Vaslui County (en) , 13 dhen Dùbhlachd 1893 | ||
Dùthaich |
Romàinia An t-Aonadh Sobhiatach | ||
Àite-fuirich | Bucharest | ||
Bàs | Bucharest, 3 dhen Ògmhios 1960 | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stad a' chridhe) | ||
Teaghlach | |||
Cèile | Marcel Pauker | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin | ||
Cànain |
Romàinis Ruisis Eabhra | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-teagaisg, eadar-theangair, dioplomat, lighiche agus tailor (en) | ||
Àitichean-obrach | Paris, Moscobha, Bucharest agus Volga German Autonomous Soviet Socialist Republic (en) | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Seirbheis san arm | |||
Ìre | còirneal | ||
Strì | An Dàrna Cogadh | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Comannach Romàinia Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich Pàrtaidh Comannach na Frainge |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.