An Aghaidh Mhòr
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile agus baile turasachd anns a' Ghaidhealtachd a tha san Aghaidh Mhòir (Beurla: Aviemore).[1] Ann an 2001 bha 2,380 daoine a' fuireach ann. Tha an Aghaidh Mhòr suidhichte ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Tha am baile ainmeil airson sgìtheadh agus cnocaireachd anns a' Mhonadh Ruadh.
An Aghaidh Mhòr | |
Sealladh air An Aghaidh Mhòir | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 57° 11′ 38″ T 3° 49′ 23″ I |
Comharradh-clèithe | NH898129 |
Feartan fiosaigeach |
Tha an Aghaidh Mhòr faisg air rathad A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis. Tha Stèisean na h-Aghaidh Mòire suidhichte air an loidhne eadar Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Aghaidh Mhòr sa bhliadhna 1969.