'S e provincia na Spàinne a tha ann an Almería (IPA: almeˈɾi.a no aɾmeˈɾi.a, al-). Tha e na laighe ann an Andalusia, air an àirde an ear-dheas na dùthcha. 'S e Almería a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Almería fad 8,775km²[3] agus tha 702,819 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 27mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 23mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Granada agus Murcia.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.