Alfonso López Pumarejo
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e fear-malairt, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alfonso López Pumarejo (Honda, 31 am Faoilleach 1886–Lunnainn, 20 an Dàmhair 1959).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig María Michelsen Lombana ann an 1911 agus rug i còignear duine-cloinne dha. B’ e boireannaich uabhasach ainmeil a bh’ innte, o chionn 's gur e fear-saidheans gu math cliùiteach a bh' ann a h-athair. Bha am mac, Alfonso López Michelsen, na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1974 agus 1978.
Alfonso López Pumarejo | |||||
---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1942 - 7 dhen Lùnastal 1946 ← Eduardo Santos - Mariano Ospina Pérez → | |||||
Beatha | |||||
Breith | uair, 31 dhen Fhaoilleach 1886 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 20 dhen t-Samhain 1959 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Pedro A. López | ||||
Màthair | Rosario Pumarejo | ||||
Cèile | María Michelsen Lombana (en) | ||||
Clann |
liosta
| ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||
Foghlam | |||||
Foghlam | Sgoil na h-Eaconamachd Lunnainn | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-cùraim lùchairte, eaconamaiche, neach-naidheachd, dioplomat agus neach-poileataigs | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
A bharrachd air an lèisinn nuadh agus na dòighean ùra a dh'ionnsaich nuair a bha e thall thairis, bha taic a fhuair e bho uachdarain beairteach agus ceannardan cumhachdail a' phàrtaidh gu math feumail dha. Chuir e air dòigh gluasad radaigeach a-staigh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia air an robh La Revolución en Marcha[2] (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) a bha airson aonaidhean-ciùird a chruthachadh agus talamh a thoirt air falbh bho daoine beairteach. Le sin, bhòtadh na daoine bochda às an dùthaich dha. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1934 gu ruige 1938 agus an uair sin bho 1942 gu ruige 1946. Chuir e taic dha Na Stàitean Aonaichte anns an Dàrna Chogadh. B' e esan a thug taic do Julio César Turbay Ayala[3] agus Carlos Lleras Restrepo, a bhiodh nan cinn-suidhe bliadhnaichean an dèidh López Pumarejo.[4] Thug Darío Echandía Olaya àite Phumarejo dà thuras: fad mìos eadar 1943 agus 1944[5] nuair a bha bean Phumarejo tinn agus greiseag eile ann an 1944 nuair a bhathar airson Pumarejo a thoirt fo bhruid.