Alacant
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr agus port cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann an Alacant (Catalanais, IPA: ala'kant), neo Alicante[1] (Spàinntis: IPA: ali'kante). Chaidh a stèidheachadh mu 324 ro Chrìosd. Tha Alacant suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[2] eadar na h-aibhnichean Seco agus Rambuchar.[3] Tha Alacant 362km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 394km bho Bharcelona.[4] Tha 334,418 daoine a’ fuireach ann an Alacant,[5] an darna baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an 13mh baile anns an Spàinn.[6] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Alacant a th’ ann an Alacant cuideachd.
Alacant
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Alacant | ||||
Sgìre | Co-chomann València | ||||
Co-chomharran | 38° 20' 43 Tuath 00° 28' 59 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 201.27 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 334,418 (2010) | ||||
Dlùths | 1,661.54/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 965 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |